Go Back   Scotland Discussion Forum > Culture > Language


Smocadh

Reply
 
LinkBack Thread Tools Search this Thread Rate Thread Display Modes
  #1 (permalink)  
Old 12th August 2004, 18:39
Scottish_Republican's Avatar
Scottish_Republican Scottish_Republican is offline
Registered User
 
Join Date: Oct 2003
Posts: 3,808
AM PEURSA - Inverness Courier

NAN robh sibh fhèin nur n-àrd-oifigear ann an tè de na companaidhean
mòra eadar-nàiseanta a reiceas tombaca, am biodh sibh a' gabhail
dragh mun iomairt a tha a' dol ann an grunn dùthchannan siara airson
casg a chur air smocadh ann an àiteachan poblach?

Bhitheadh? Carson? Seallamaid air na figearan.

Chan eil ach 9% de bhoireannaich anns na dùthchannan neo-leasaichte a
tha ri smocadh. Tha sin a' fàgail timcheall air da mhìle millean
boireannach a dh'fhaodadh a bhith a' gabhail ceò air an anail, ach
nach eil. Abair margaidh! Chan eil rian nach bi ceannardan nan
companaidhean tombaca mothachail dhi.

Tha e math gu bheil a' chuid as mo de bhoireannaich anns na
dùthchannan sin ann an suidheachadh sòisealta no poilitigeach no
eaconomaigeach a chuireas stad orra bho bhith an sàs ann an tombaca.
Gu dearbh, tha iad nas fhortanaiche (no nas glice?) nan co-
chreutairean boireann anns na dùthchannan siara - oir tha 22% de
bhoireannaich sna rìoghachdan leasaichte ri cleachdadh thoitean.

Ach tha na figearan gu mòr a' dearbhadh gu bheil mnathan nas glice na
fir. Anns na dùthchannan beartach, cleachdaidh 35% de dh'fhir tombaca.

Anns na dùthchannan bochda, tha am figear aig 50% - aon fhear as gach
dithis! Tha e follaiseach, ma tha na companaidhean gu bhith a'
dèanamh adhartas ann a bhith a' reic tuilleadh dhen stuth puinnseanta
a tha iad a' dèanamh, gur ann air boireannaich sna dùthchannan bochda
a dh'fheumas iad a bhith ag amas.

Ma tha aon dùthaich a' stobadh a-mach bho chàch, 's e Sìona. Cha mhòr
nach eil an diofar eadar fir agus mnathan do-chreidsinneach. Bidh 63%
de dh'fhir ann an Sionaidh ri smocadh; chan eil ach 4% de
bhoireannaich anns an aon suidheachadh. Bhiodh e math faighinn a-mach
dè dìreach a tha ag adhbharachadh sgaradh cho mòr sin, agus dè tha an
riaghaltas ann am Beijing a' dèanamh airson na th' ann de dh'fhir a
bhios a' smocadh a lùghdachadh. Agus a bheilear a' feuchainn ri
suidheachadh nam ban a dhìon gus nach fhaigh na companaidhean tombaca
greim air boireannaich cuideachd? Tha droch amharas agam nach eil -
oir 's i a' chompanaidh as mò air an t-saoghal a ni toitein -
Corparaid Nàiseanta Tombaca Shionaidh.

Chan fhaighear fiosrachadh bho na companaidhean a reiceas tombaca gu
bheil iad ag amas air boireannaich sna dùthchannan bochda, ach tha
fiosrachadh ann mun dòchas a th' aca an cuid reic de thoitein a
mheudachadh ann an cuid de dhùthchannan. Thathar dhen bheachd gun
gabh 40% a bharrachd a reic ann am Brasail taobh a-staigh deich
bliadhna, gun gabh an treas cuid a bharrachd cur ri reic ann am
Pacastan thairis air an ùine sin, agus gun dùblaich iad na reiceas
iad ann an dùthaich bhochd far a bheil mòran dhen lus ga fhàs -
Zimbabwe. Nuair a smaoinichear air a' bhochdainn sna rìoghachdan sin
mu thràth agus air an uallach a bharrachd a thèid air an seirbheisean-
slàinte an cois tuilleadh smocaidh, tha e eagalach. Agus ciamar a
thèid amasan nan companaidhean a choileanadh? Sanasachd.

Sanasachd. Sanasachd.

Anns a' bhliadhna 2000 thàinig na figearan còmhla airson a' chiad
turas - 's e sin an uiread a bha a' faighinn bàs gach bliadhna air
sàilleamh cleachdadh tombaca sna dùthchannan tionnsgalach (a th' air
a bhith àrd airson ùine mhòir) agus na dùthchannan neo-leasaichte
(far a bheilear a' dol am meud gu mòr). Bha sin aig dà mhillean anns
gach buidhinn. Taobh a-staigh fichead bliadhna, tha dùil gun tèid am
figear anns na dùthchannan neo-leasaichte suas gu còrr math is còig
millean gach bliadhna. Thathar a' tomhas gum faigh 500 millean duine,
a tha beò an-diugh, bàs air sgath tombaca.

Sin mura dèanar rudeigin mu dheidhinn. Dh'fhaodadh Alba, anns a'
chiad dol a-mach, a taigh fhèin a ghlanadh, agus casg a chur air
smocadh ann an àiteachan poblach.
Reply With Quote
  #2 (permalink)  
Old 12th August 2004, 19:39
Taranis Taranis is offline
Guest
 
Join Date: Aug 2004
Posts: 5

Show Off
Reply With Quote
  #3 (permalink)  
Old 12th August 2004, 19:46
Scottish_Republican's Avatar
Scottish_Republican Scottish_Republican is offline
Registered User
 
Join Date: Oct 2003
Posts: 3,808
Show off? **** off!

Nise, cleachd Gaidhlig ma tha.
Reply With Quote
  #4 (permalink)  
Old 12th August 2004, 19:52
Taranis Taranis is offline
Guest
 
Join Date: Aug 2004
Posts: 5

Va är de me dig ja sa bara att du va bra på gaelic men du måste förolämpa vafan har ja gjort dig och föresten har du inget liv lr? Du måste gå runt och skriva saker som bara vissa förstår. SKAFFA ETT LIV. Lots of love
Reply With Quote
  #5 (permalink)  
Old 12th August 2004, 19:56
Scottish_Republican's Avatar
Scottish_Republican Scottish_Republican is offline
Registered User
 
Join Date: Oct 2003
Posts: 3,808
This is a forum for discussing Scottish languages (not including Swedish), and for using them too. Some people *do* use them as well you know. Either take an interest or go elsewhere. "Skaffa ett liv"? = "Get a life". Not a native Swedish expression, so I take it you're probably an American pretending to be one.

Seo ceist dhuibh. Cuin mu dheireadh a bha duine, a bha na cheannard air
partaidh mòr poilitigeach ann an Alba, dha-rìridh dha-rìridh mu
dheidhinn adhartachadh na Gàidhlig?

Thàinig Mìcheal Beag Forsyth nan Toraidhean gu tuigse mun
t-suidheachadh
fhad 's a bha e anns an obair, agus bha e bàidheil gu leòr ris a'
chànan. Ach a bheil duine air a bhith ann a bha gu mòr airson piseach a
thoirt air suidheachadh na Gàidhlig mus robh e ann an àrd-dhreuchd?

Is docha gum bi cuimhne agaibhse nas fheàrr na th' agamsa, ach tha e a'
tighinn a-steach orm gu bheil Mìcheal Ruiseal fada air thoiseach air
cach anns an t-seagh sin. Mus robh guth air bile Gàidhlig an
Riaghaltais, bha an Ruisealach a' strì airson a leithid - agus chuir e
fhèin bile air adhart, feuch inbhe a bharrachd a thoirt don Ghàidhlig
air a' Ghaidhealtachd.

Mar sin, saoilidh mi gur e deagh rud a th' ann gu bheil e air ad a chur
anns an raoin airson ceannas a' Phàrtaidh Nàiseanta, ged nach eil e ro
choltach aig an ire-sa gun dean e a' chùis, agus e taobh a-muigh na
pàrlamaid. Bidh feadhainn ag iarraidh boireannach a bhith aig an stiùir
agus 's docha gu bheil an t-am ann airson sin, agus saoilidh mi, le
Mìcheal Ruiseal, gum faigheamaid neach a tha nas inntinniche is nas
lèirsinniche nan dithis bhoireannach a tha a' seasamh - Roseanna
Choineagan agus Nicola Sturgeon.

Agus, eadhon ged nach eil e na bhall pàrlamaid (a chionn 's gun deach a
chur sìos an liosta a dh'aona-ghnothach anns an taghadh mu dheireadh),
chan eil sin a' ciallachadh nach fhaodadh e a bhith na cheannard, fhad
's a gheibheadh e àite innte an ceann ùine gun a bhith fada. Cha leig
sinn a leas ach sùil a thoirt air suidheachadh na Tuirc airson
eisimpleir dheth sin fhaicinn. Bhuannaich am partaidh aig Recep Tayyip
Erdogan an taghadh as t-fhoghar 2002, agus e gun àite sa phàrlamaid
(airson adhbharan laghail). B' fheudar do dh'fhear eile a bhith na
phrìomhaire gus an do bhuannaich Mgr Erdogan àite dha fhèin sa
phàrlamaid ann am fothaghadh.

Chan eil mi ag ràdh gu bheil Mìcheal Ruiseal anns an aon liog 's a tha
Prìomhaire na Tuirc - dìreach gun gabh a leithid dèanamh ma thogras am
partaidh. Ach an togair?

A bheil cuimhne agaibh air Peadar Foster? 'S e am fear a bha
co-cheangailte ri Carole Caplin agus a bha an sàs anns a' chùis air an
do chuireadh "Cheriegate" - nuair a thug e taic do bhean a'
phrìomhaire,
agus i a' ceannach flataichean don chloinn aice ann am Bristol. Chaidh
Mgr Foster a dhìteadh de dh'fhoill agus chuir e seachad ùine anns a'
phrìosan ann am Breatainn, Na Stàitean Aonaichte agus Astràilia.

Tha e a-nise air ais ann an Astràilia, far an robh e an sas ann am
buaireadh ann an taigh-òsta air a' Chost' Oir an la eile. Cha do chord
an dìnnear ris, a rèir choltais (fhuair e feoillacha) agus chaidh cead
a
dhiùltadh do chompanaich toitean a lasadh aig a' bhòrd. Co-dhiù, tri
uairean a thìde as dèidh dha falbh, fhuair an luchd-obrach amach gu
robh
tuil mhòr ann. Bha tapaichean air am fàgail air ann an sinc anns an
t-seòmar aige, leis an t-uisge a' ruith asta, agus am pluga anns an
toll. Obh obh.

Bidh sibh ag ràdh, "ach nach do ruith an t-uisge a-mach as an darna
toll
san t-sinc aig a' cheann shuas?"

A, uill - airson adhbhar air choireigin chan eil darna toll anns a'
chuid mhòir de shincichean ann an Astràilia ann. Bha e a-riamh a' cur
iongnadh orm nach robh. B' fheàrr le fear an taigh-òsta sin gu robh,
tha
mi cinnteach.

Agus thuirt Mgr Foster (nach deach a Ghloucester, tuil ann no as) gun
tàinig an tap air leis fhèin as dèidh gun deach rudeigin ceàrr air
siostam an dealain anns an taigh-òsta.

Ceart.
Reply With Quote
  #6 (permalink)  
Old 12th August 2004, 22:57
ivan_drago ivan_drago is offline
Registered User
 
Join Date: Mar 2004
Posts: 56
bloody foreigners.
Reply With Quote
  #7 (permalink)  
Old 13th August 2004, 02:46
Eleana Eleana is offline
Registered User
 
Join Date: Apr 2004
Posts: 842
I love it but you should visit the http://www.savegaelic.org forums.

For my level of knowledge of Gaelic I alwaya appreciate having the English translation delivered as well as a courtesy to those who love the country, the people and the languages.

Sadly enough this and other forums are visited by lots of not Scottish folks. it draws foreigners. Wonder where the Scots are.
__________________
'S toil leam Gàidhlig a bhruidhinn agus a leughadh agus sgrìobhadh oir 'se an cànan feumail agus àlainn a th' innte.
Reply With Quote
Reply


Thread Tools Search this Thread
Search this Thread:

Advanced Search
Display Modes Rate This Thread
Rate This Thread:

Posting Rules
You may not post new threads
You may not post replies
You may not post attachments
You may not edit your posts

BB code is On
Smilies are On
[IMG] code is On
HTML code is Off
Trackbacks are On
Pingbacks are On
Refbacks are On



All times are GMT +1. The time now is 15:28.


Powered by vBulletin® Version 3.7.6
Copyright ©2000 - 2012, Jelsoft Enterprises Ltd.
Content Relevant URLs by vBSEO 3.0.0 RC4 © 2006, Crawlability, Inc.