View Single Post
  #5 (permalink)  
Old 12th April 2008, 22:18
Hugh2 Hugh2 is offline
Quarantined Users
 
Join Date: Nov 2007
Posts: 44
An Gaidheal Ur

Tha an companaidh adhair Eireanach, Aer Lingus, air an fhearg a chur air moran an deigh dhaibh diultadh Gaeilge a chleachdadh air na seirbheisean ura aca ann an Eirinn a Tuath.

Thoisich companaidh adhair naiseanta na h-Eireann a`ruith sheirbheisean gu Beul Feairste san Dubhlachd, ach chuir iad casg air a bhith a`toirt fiosrachadh oifigeil seachad tro mheadhan na Gaeilge, rud a tha aca air seirbheisean eile.

Tha seo air moran tamailt adhbharachadh am measg coimhearsnachd na Gaeilge ann an Eirinn a Tuath agus anns a`phoblachd fhein.

Thuirt neach-labhairt bhon chompanaidh nam biodh iad dol a`chleachdadh Gaeilge gum feumadh iad cuideachd am fiosrachadh a thoirt seachad ann an Albais Ulaidh. Bhiodh cus troimh-cheile ann, thuirt e, ma dh`fheumar deiligeadh ri tri cananan - Gaeilge, Albais Ulaidh agus Beurla.

Ann an ceann a deas na h-Eireann tha luchd-siubhail air am failteachadh air pleanaichean Aer Lingus tro mheadhan na Gaeilge agus bidh luchd-obrach a`toirt seachad suas ri dusan facal sa chanan.

Am measg na tha air gearan a thogail mun t-suidheachadh le Aer Lingus tha Taoiseach na h-Eireann, Bertie Ahern. Thuirt esan: "Chan eil mi a`tuigsinn carson a bhiodh duilgheadas aig duine am bith dha no tri facail a chluinntinn ann an Gaeilge."

Tha cuid dhen bheachd gu bheil an companaidh direach a`feuchainn gun a dhol a-mach air luchd-taice an aonaidh ann an Eirinn a Tuath, daoine a tha gu tur an aghaidh brosnachadh a`chanain san sgire aca.Tha buidhnean iomairt agus leasachaidh na Gaeilge, air gach taobh dhen chrioch, air leth feargach agus iad airson `s gun atharraich an companaidh an inntinn. Chaidh athchuinge a chuir air doigh agus thathas fiu `s ag radh gum bu choir dha doine sgur a chleachdadh na seirbheisean gun teid an suidheachadh a chuir ceart.

A reir na buidhne POBAL - a bhios a`riochdachadh nam buidhnean Gaeilge gu leir aig tuath - tha seo na eisimpleir air carson a bu choir Achd Canan na Gaeilge a bhith air a chuir an sas ann an Eirinn a Tuath.

Aig an ire sa, ged tha, chan eil cail a choltas gu bheil Aer Lingus a`dol a dh`atharrachadh an inntinn.

Reply With Quote