View Single Post
  #1 (permalink)  
Old 7th April 2008, 22:35
Hugh2 Hugh2 is offline
Quarantined Users
 
Join Date: Nov 2007
Posts: 44
Gaidhlig agus Gaeilge

Am Peursa


Tha mi direach air tilleadh bho sheachdain air leth ann an Eirinn, agus mi aig cursa airson Gaeilge ionnsachadh aig ionad beag breagha ann an taobh an iar Thir Chonaill (contae Dhun nan Gall). Tha Oideas Gael ann an Gleann Cholm Cille air a bhith a`ruith chursaichean goirid fad bhliadhnaichean a-nise agus `s e aite math a th`ann airson a bhith ag adhartachadh do chuid Gaeilge. Bha an tidsear agam a Doire Chaluim Chille (is iongantach na th`ann de`aiteachan co-cheangailte ris an naomh sin!) agus`s e Gaeilge Uladh a th`aice. Ach, a dh`aindeoin sin, nuair a chuala mi Gaeilge Choirrai air an deireadh-sheachdain aig an Fheill Phan-Cheilteach ann am baile Dhun nan Gall, bha tuigse fada na b`fhearr agam oirre na bhitheadh mura robh mi air a chursa. `S e tuigse aon rud, ach fhathast `s e Gaidhlig na h-Alba as nadarraiche a thig far mo theangaidh!

Fhad `s a bha mi air a`chursa, bha deasbad gu leor a`dol mu shuidheachadh na Gaeilge ann an Eirinn, oir tha na figearan a`sealltainn gu bheil i a`crionadh anns na Gaeltachtai direach mar a tha i anns na h-Eileanan an Iar an seo. Tha i a`dol am meud am Beal Feirste ach a`crionadh ann an aiteachan mar Ghleann Cholm Cille. Ged a tha e fior gu bheil na Gaeltachtai air an canan a`chumail beo, chan eil iad cho soirbheachail a-nise `s a bhiodh luchd-iomairt na Gaeilge a`miannachadh.

De th`air a dhol cearr ann ann Eirinn? Chanainn gur e an aon ghalar a dh`fhuiling sinn fhein an seo - nach do rinneadh ceangal laidir gu leor ann an inntinn an t-sluaigh eadar an canan agus an dearbh-aithne mar Eireannaich/Albannaich...

Ruairidh Macilleathain (The Inverness Courier, April 4, 2008)


Perhaps some of the regular posters to the language section of Scotland.com/forums may care to comment on Ruairidh`s views in his latest column.
Reply With Quote